Gjør som tusenvis av andre bokelskere
Abonner på vårt nyhetsbrev og få rabatter og inspirasjon til din neste leseopplevelse.
Ved å abonnere godtar du vår personvernerklæring.Du kan når som helst melde deg av våre nyhetsbrev.
B' e an Ròsarnach iris a dheasaich is a chuir Ruaraidh Arascain is Mhàrr a-mach ann an ceithir leabhraichean bho 1917 gu 1930. Bha i na ceum adhartach dha-rìribh aig an àm, agus i a' gabhail a-steach a h-uile cruth is cusipair sgrìobhaidh a dh'fhaodte a luaidh: altan air feallsanachd Phlato is Aristotle is air brìgh na bòidhcheid, sgeulachdan èibhinn is tiamhaidh, eachdraidhean iomairtean is dhaoine, dàin aotrom is dhomhain, agus a h-uile gnothach eile a ghabhadh pasgadh eadar faisg air sia ceud duilleag.Is beag an t-iongnadh mar sin gum faighear cuid de na h-ùghdaran Gàidhlig a b' iomraitiche san fhicheadamh linn ann: Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, Aonghas MacEanraig, Ùisdean Lang, is mòran eile, a bharrachd air Ruaraidh fhèin.Tha an Clò Glas toilichte a bhith a' cur an stòrais thomadaich phrìseil seo am follais a-rithist, agus sin ann an riochd tha gleansach is ùr, saor is so-leughte. Is math as t-fhiach do Ghàidheil an latha an-diugh an Ròsarnach a leughadh.This is a compendium of great Gaelic writing of all styles and genres, from poetry and short stories to opinion pieces, histories, biographies and philosophical works.There's something for everyone here, and all in great Gaelic.
B' i Cailin Sgiathanach, no Faodalach na h-Abaid an treas nobhail a sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig. Nochd i an toiseach sa bhliadhna 1923, agus cha do dh'fhoillsicheadh nobhail Ghàidhlig eile gu ceann còrr is dà fhichead bliadhna. Tha i, mar sin, na puing àraid agus na ceum bunaiteach ann an eachdraidh litreachas nan Gàidheal. Tha an Clò Glas toilichte a bhith ga cur air thairgse don mhòr-shluagh a-rithist, leis an dùil 's leis an dùrachd gum faigh an leughadair an aon toileachadh 's a fhuair fear-dèanaimh an leabhair innte.Leanaidh an sgeulachd tè Mòrag Ros, a chaidh uchd-mhac-achadh le teaghlach fear Dhiùirinis is i na nighinn bhig. Ge math am bainne a fhuair i aca, thig car dosgainneach na fortan nuair a chuirear teicheadh air a leannan a-null don t-saoghal ùr, agus ìmpidh oirrese a dhol air beulaibh na h-altrach le fear beartach ris nach do labhair i facal riamh.Tha iomadh car is cuiread eile a thig am follais rè an sgeòil, agus a rùintean fhèin aig gach duine a thaobh cùrsa beatha na h-ìghne. A dh'aindeoin nam brùthaidhean a th' air gach taobh dhi, nì Mòrag a dìcheall gus an t-slighe a b' fheàrr leatha fhèin, agus eòlas air a h-eachdraidh fhèin, a thoirt a-mach san t-saoghal seo.The story follows Morag Ross, who was adopted by the family of a man from Durinis as a little girl. Despite her good upbringing, her luck comes to a standstill when her lover is forced to flee to the "New World", and she is persuaded to go to the altar with a rich man she has never spoken to before.
Is e seo a' chiad leabhar a dh'fhoillsich an Clò Glas. Agus, le bhith ga fhoillseachadh, tha fìor-chlasaig na Gàidhlig air a cur an clò a-rithist mu dheireadh thall. Thig tuilleadh na dèidh.Am broinn an leabhair seo, tha na h-òrain a nochd anns na seann tionndaidhean de dh'Aiseirigh air ant oirt còmhla le òrain eile nach robh rim faighinn ach ann an làmh-sgrìobhann gus am 20mh linn.This new collection of Jacobite arch-poet Alexander MacDonald's work brings together the songs published in previous editions of Aiseirigh as well as those which remained in manuscript until the 20th century. This is the bard's oeuvre in all of its glory and its salaciousness, as the censoring which plagued the collection through the Victorian era has been undone.
Is e a tha anns an leabhar seo ach òrain is laoidhean na Fèinne a chruinnich an deasaiche agus iomadh neach eile eadar 1512 agus 1871.Rannsaich Iain Òg Ìle an dà chuid seann làmh-sgrìobhannan agus dualchas beò an t-sluaigh mar a bha e na latha-san gus an leabhar seo a chur ri chèile. Chan eil a shamhail ri faighinn ma thathas ag iarraidh blasad air fìor shùgh ealain na Gàidhlig: litreachas na Fèinne bho pheann nan uaislean agus bho bhilean nan cumantan le chèile.A collection of songs and hymns relating to the Fèinne collected by the editor - John F Campbell - and others between 1512 and 1871. It also lists the collections, their contents and gives a short description of the original documents.This is a clarified and enlarged facsimile of the original book.
Abonner på vårt nyhetsbrev og få rabatter og inspirasjon til din neste leseopplevelse.
Ved å abonnere godtar du vår personvernerklæring.